Eilean Uibhist mo rùin Eilean cùbhraidh nam beann Eilean Uibhist mo rùn B'e mo dhùrachd bhith ann An Eilean Uibhist mo rùn B'e mo shòlas bhith air m' eòlas San eilean bhòidheach ud thall Far am faic mi mo chàirdean 'S gheibhinn fàilte nach gann An Eilean Uibhist mo rùn Far am faic mi fìr òga Ghearradh mòine nan deann 'S a ghearradh snasail an t-eòrna 'S a chuireadh dòrlach sa bhann An Eilean Uibhist mo rùn Far am faic mi fìr liatha Glic-bhriathrach nan cainnt Mean-bheachdach sean-eòlach A' toirt seòladh don chloinn An Eilean Uibhist mo rùn Far am faic mi mnathan uasal Aoigheil, uallachal, trang Tha ro-ainmeil nan stòltachd 'S an gnìomh dòigheil nan làimh An Eilean Uibhist mo rùn Tha coibhneas is bàigh 'Gabhail àit' ann an com Gach neach a chaidh àrach Fo sgàile nam beann An Eilean Uibhist mo rùn Bi aoigheachd is fàilte Gu bràth feadh nan gleann Fad 's a bhuaileas air tràigh Boinne sàile nan tonn An Eilean Uibhist mo rùn 'S e slàn leis na dh'fhàg mi Bheir mo dhàn-sa gu ceann 'S le m' phiuthar, 's le m' bhràithrean 'S le m' phàrantan thall An Eilean Uibhist mo rùn Eilean cùbhraidh nam beann Eilean Uibhist mo rùn B'e mo dhùrachd bhith ann An Eilean Uibhist mo rùn