Ma's ann 'gam mhealladh, a ghaoil, a bha thu, Ma's ann 'gam mhealladh as deigh do gheallaidh, 'Se luaidh do mholaidh ni mi gu brath, Ma's ann 'gam mhealladh, a ghaoil, a bha thu. Righ! gur mise tha gu tursach, Gaol an iarla 'ga mo chiurradh, Tha na deoir a'sior-ruith o m' shuilean 'S mo chridhe bruite le guin do ghraidh. Bha mi raoir leat 'na mo bhruadar Thall an Diura nam beann fuara, Bha do phogan mar bhiolair uaine - Ach dh'fhalbh am bruadar is dh'fhan an cradh. Thig, a ghaoil, agus duin mo shuilean 'S a' chiste-chaoil far nach dean mi dusgadh, Cuir a sios mi an duslach Diurach, Oir 's ann 's an uir a ni mise tamh.