[00:08.947]Seinn an duan seo dhan Innis Àigh, [00:18.090]An innis uaine as gile tràigh; [00:27.703]Bidh sian air uairean a' bagairt cruaidh ris [00:38.544]Ach 's e mo luaidh-sa bhith ann a' tàmh. [00:49.150]Càit' as tràith' an tig samhradh caomh [00:58.841]Càit' as tràith' an tig blàth air craoibh [01:08.480]Càit' as bòidhche an seinn an smeòrach [01:18.903]Air bhàrr nan ògan? 'S an Innis Àigh! [01:28.699]Tiugainn leam-sa chun na tràigh [01:37.607]'S an fheasgar chìuin-ghil aig àm an làin, [01:46.698]'S chì thu 'm bòidhchead 's an liuthad seòrsa [01:57.199]De dh'eòin tha còmhnaidh 's an Innis Àigh. [02:15.537]An t-iasg as fiachaile dlùth don tràigh [02:24.366]Is ann m'a chrìochan is miann leis tàmh; [02:33.404]Bidh gillean èasgaidh le dorgh is lìontan [02:43.697]Moch, moch ga iarraidh mun Innis Àigh. [03:28.366]O 's geàrr an ùine gu 'n teirig là; [03:37.274]Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh. [03:45.502]Mo chadal buan-sa bidh e cho suaimhneach [03:55.716]Ma bhios mo chluasag 's an Innis Àigh. [04:05.512]Seinn an duan seo dhan Innis Àigh.