[00:00.73][An ròn:] [00:04.92]“Mise nighean Rìgh-fo-Thuinn [00:07.98]Fuil nan rìghrean na mo chrè - [00:11.09]Ged a chì sibh mi nam ròn [00:13.84]Tha mi mòrail nam thìr fhèin. [00:18.29]“Tìr-fo-Thuinn mo dhachaigh dhùint’ [00:21.40]Innis dhùthchasach nan ròn; [00:24.21]Caidlidh mi air leacan sàil’, [00:27.49]Mi fhìn ’s mo bhàn-chuilean òg.” [00:31.69]A Bhana-phrionns’ a’ chuain shiar, [00:34.75]A bheil sgeul agad ri luaidh? [00:37.74]Nach inns thu dhuinn mar a bha [00:40.49]Mun do ghabh sibh tàmh sa chuan? [00:45.17]“Chaidh na geasan a chur oirnn [00:48.24]Rè ar beò-bhith le luchd-fuath, [00:51.55]’S ged a tha sinn snàmh nan caol [00:54.57]’S e nàdar daonnd’ tha dhuinn dual. [00:59.88]“Aig tràth-marbh air oidhche fèill [01:02.96]Tilgidh sinn ar bèin air tràigh, [01:06.34]’S cluichidh sinn nar n-òighean suairc’ [01:09.72]A’ crathadh ar cuaillean bàn. [01:13.60]“Ach a-nochd tha mi nam ròn [01:17.40]Air an lic an còrs’ a’ chuain: [01:20.26]’S e mo nàdar bhith toirt gaol, [01:23.71]’S do chlann-daoine thug mi luaidh.” [01:30.73][Ann an Caolas Od Odrum:] [01:31.36]Ann an Caolas Od Odrum far an coidleadh an ròn, [01:37.37]is far nach cluinnte guth duin’ ach fuaim tuinne ’s glog geòidh [01:42.45]Muime 'g altram a pàistean 's i gan tàladh gu ciùin, [01:47.86]gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain. [01:53.92]Hion da hion do hion da odar da [01:59.14]Hion da hion do hion da odar da [02:04.57]Hì o dan dao, hì o dan dao, [02:10.70]Hì o dan dao odar da, odar da [02:17.73]Muime 'g altram a pàistean 's i gan tàladh gu ciùin, [02:23.01]gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain. [02:28.48]An ròn rìoghail a' gusgail, 'n eala guileag ri thaobh, [02:33.92]a' mhaighdeann-mhara ’s i bruadar anns an uaigneas air laoch. [02:40.12]Hion da hion do hion da odar da [02:45.53]Hion da hion do hion da odar da [02:50.85]Hì o dan dao, hì o dan dao, [02:56.09]Hì o dan dao odar da, odar da [03:02.97]An ròn rìoghail a’ gusgail, ’n eala guileag ri thaobh, [03:08.38]a’ mhaighdeann-mhara ’s i bruadar anns an uaigneas air laoch. [03:13.70]Ann an Caolas Od Odrum far an coidleadh an ròn, [03:19.20]is far nach cluinnte guth duine ach fuaim tuinne ’s glog geòidh. [03:25.31]Hion da hion do hion da odar da [03:31.16]Hion da hion do hion da odar da [03:36.11]Hì o dan dao, hì o dan dao, [03:42.44]Hì o dan dao odar da, odar da [03:51.79]