[ti:0] [ar:0] [al:0] [offset:0] [00:10.31]Feasgar ciùin an tùs a' Chèitein [00:14.64]Nuair bha 'n ialtag anns na speuran [00:19.54]Chualaim rìbhinn òg 's i deurach [00:23.67]Seinn fo sgàil nan geugan uain [00:28.81]Bha a' ghrian 'sa chuan gu sìoladh [00:34.25]'S reult cha d' èirich anns an iarmailt [00:39.02]Nuair a sheinn an òigh gu cianail [00:43.76]“Tha mo ghaol air àird a' chuain” [00:50.41]Thòisich dealt na h-oidhch' ri tùirling [00:54.60]'S lùb am braon gu caoin na flùrain [00:59.61]Shèid a' ghaoth 'na h-oiteig chùbhraidh [01:03.71]Beatha 's ùrachd do gach cluan [01:09.21]Ghleus an nighneag fonn a h-òrain [01:13.38]Sèimh is ciùin mar dhriùchd an g-mhìos [01:18.14]'S bha an t-sèisd seo 'g èirigh 'n còmhnaidh [01:22.69]“Tha mo ghaol air àird a' chuain” [01:29.19]Chiar an latha is dheàrrs' na reultan [01:33.09]Sheòl an rè measg neul nan speuran [01:38.56]Shuidh an òigh, bha 'bròn 'ga lèireadh [01:42.60]'S cha robh dèigh air tàmh no suain [01:47.83]Theann mi faisg air reult nan òg-bhean [01:51.98]Sheinn mu 'gaol air chuan 'bha seòladh [01:57.69]O bu bhinn a caoidhrean brònach [02:01.99]“Tha mo ghaol air àird a' chuain” [02:09.07]Rinn an ceòl le deòin mo thàladh [02:13.04]Dlùth do rìbinn donn nam blàth-shul [02:18.92]'S i ag ùrnaigh ris an rd-Rìgh [02:23.46]“Dìon mo ghràdh 'th' air àird a' chuain” [02:29.30]Bha a cridh' le gaol gu sgàineadh [02:33.75]Nuair a ghlac mi fhèin air làimh i [02:39.25]“Siab do dheòir, do ghaol tha sàbhailt [02:44.27]Thill mi slàn bhàrr àird a' chuain”