Soraidh bhuam gu Barraidh Eilean's maisich tha fo’n ghrein Far an tric an robh mi sugradh ‘s le sunna a ruith na spreidh Gur lionmhor lus tha fas fo’n druchd Is deallt air uir as dheidh A’ bheireadh slainte is muirneal dhuit Air maduinn chubhraidh cheit An am direadh ris a mhonadh Measq a’ mhurain ‘be mo mhiann Air feasgar fann's an fhoghar Nuair a chromadh air a ghrian Gum beathaicheadh am faladh thu Far luscan b’aille fiomh An aiteag chubhraidh aluinn Thig far bharr a’ chain an lar. An am eirigh anns an t-samhradh ‘se bhith ann, bu mhor mo mhiann Gach iasgair ‘s e le bhata Dol gu aite a chuir na lion Nuair a charadh iad siuil shlan rith Air bharr nan tonnan liath. Bu bhriagha a bhi ga faicinn Air a setadh dol dha’n iar. ‘Se Barraidh an t-eilean ‘s boidhche Ann cho mor s gun d’chur mi uigh Far an tric an do ghabh mi oran Measg nan oighean maiseach ciuin ‘S ged tha mi’n duigh air m’aineol An Australia nan craobh Cha di-chuimhuich mi a Ghaidhlig Tha i sgriobhte ‘s a’ chlar aig m’aois.